Bàs ann an Coire an t-Sneachda
- Air fhoillseachadh

Coire an t-Sneachda
Chaill boireannach a beatha às dèidh tubaist fhad 's a bha i a' sreap air Druim Pigme ann an Coire an t-Sneachda Dimàirt.
Bha am boireannach, is dùil gun robh i eadar 50 is 60 bliadhna de dh'aois, am measg sianar a bha a' sreap ann an càraidean nuair a thachair an tubaist.
Chaidh fios a chur air na poilis mu 2.30 feasgar Dimàirt.
Chaidh iad os cionn iomairt-teasairginn le taic bho Sgioba-Teasairginn a' Chàirn Ghuirm agus heileacoptair an nèibhidh, ach cha b' urrainn dhaibh am boireannach a shàbhaladh.
Creag
"Bha iad a' sreap ann an càraidean agus an uair a bha an dithis mu dheireadh a' dol suas, thuit creag an ìre mhath mòr is bhuail e ann an ceann a' bhoireannaich," thuirt Uilleam MacAnndrais bho Sgioba-Teasairginn a' Chàirn Ghuirm.
"Cha robh duine air a' chreag a shaoradh, ach tha an t-uamhas de dh'uisge air a bhith againn agus tha tòrr de na creagan a' gluasad," thuirt e.
Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.