Tattoo a' tilleadh dhan Ghàidhealtachd
Bidh an còmhlan airm as sine anns na Stàitean Aonaichte am measg na bhios a' cluich aig Tattoo na Gàidhealtachd air an deireadh-sheachdain.
Thèid an tachartas a chumail san sgìre airson a' chiad turas bho 2011, ach chan ann am meadhan Inbhir Nis a bhios e, ach aig Gearasdan Dheòrsa.
Mar a tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris, tha dùil ris na miltean dhaoine cuideachd.