Farpaisean Chon Chaorach na Cruinne
Thòisich Farpaisean Chon Chaorach na Cruinne faisg air Manachainn Rois Diciadain, a' chiad turas a tha an fharpais air tighinn a dh'Alba.
Tha làimhsichean-chon à 24 dùthchannan anns a' cho-fharpais agus bidh na cuairtean deireannach ann Disathairne.
Chaidh fàilte mhòr a chur air na farpaisich oidhche Mhàirt agus iad a' caismeachd tro shràidean Bhaile Dhubhthaich.
Tha Calum MacIlleathain ag aithris.