Leasachaidhean ann an tuathanachas
Fhuair tuathanaich bho air feadh na dùthcha an cothrom cluinntinn mun teicneòlas agus an saidheans as ùire anns a' ghnìomhchais o chionn ghoirid.
Chùm Colaiste Dhùthchail na h-Alba là fosgailte aig an tuathanas aca ann an Uachdar Thìre, air taobh siar na Gàidhealtachd.
Am measg eile, bhruidhinn iad air tagadh eileactronaigeach.
Seo Seonaidh MacCoinnich.