An coimeas eadar Alba agus Quebec
An tèid aig Nas Fheàrr Còmhla air stad a chur air a' mhomentum a tha Bu Chòir air a bhith a' togail anns na beagan làithean mu dheireadh?
A bheil càil ri ionnsachadh dhaibh bhon t-suidheachadh a bh' ann beagan làithean ron referendum mu dheireadh ann an Quebec?
Dìreach mar a tha tachairt an Alba, bha iadsan a bh' airson Canada fhàgail a' dol bho neart gu neart anns na cunntais-bheachd anns na làithean ron a' bhòt.
Ach aig a' cheann thall, chaill iad. Carson?
A bheil an suidheachadh a bh' ann an Quebec mu 10 là ron bhòt dha-rìribh coltach ris an t-suidheachadh a th' againn an-dràsta an Alba?
Dh'fhaighnich Iain Macaonghais an dearbh cheist sin dha Dòmhnall Moireasdan.