Leasachadh Beinn Uais ga dhiùltadh
- Air fhoillseachadh

Bha 14 crainn san phlana a chuir PI Renewable air adhart.
Chuir luchd-glèidhteachais fàilte air co-dhùnadh bho Chomhairle na Gaidheatlachd gus cead-dealbhachaidh a dhiùltadh do thuath-gaoithe faisg air Beinn Uais.
Bha a' chompanaidh PI Renewables air cead iarraidh gus 14 crainn a thogail ann an leasachadh a' Chàirn Ghuirm, faisg air Gairbh.
Thuirt oifigich na Comhairle ge-tà, gun robh am plana a' dol an aghaidh an dìon shònraichte a tha air an sgìre timcheall air Beinn Uais.
Thog iad cuideachd gun deach an sgìre seo a chomharrachadh am-bliadhna mar thalamh nàdarra mar phàirt de mhapa a rinn SNH.
Sealladh
A bharrachd air sin, thuirt iad gun toireadh an leasachadh droch bhuaidh air sealladh na beinne agus gun robh na th' ann de thuathan-gaoithe san sgìre mar-thà air buaidh a thoirt air a' cho-dhùnadh.
Bha Urras Iain Muir am measg nam buidhnean a bha ag iomairt an aghaidh nam planaichean.
"Tha sinn air ar dòigh le co-dhùnadh na Comhairle", thuirt Helen McDade bhon bhuidhinn.
Misneachadh
"Tha sinn air ar misneachadh gu sònraichte gu bheil a' Chomhairle air aithneachadh gum faodadh an leasachadh a tha seo a bhith air cron a dhèanamh air sgìre a tha a-nise air a comharrachadh mar thalamh nàdarra fo Phoileasaidh Dealbhachaidh na h-Alba 2014.
"Bu chòir gun toir seo teachdaireachd shoilleir do luchd-leasachaidh gum bu choìr dhaibh na 42 sgìrean a tha SNH, le taic bho Urras Iain Muir, air comharrachadh mar thalamh nàdarra a sheachnadh.
"Tha sinn a' cur taic ri targaidean Riaghaltas na h-Alba gus gasaichean carbon a lùghdachadh ach chan eil sinn den bheachd gu bheil feum air tuathan-gaoithe fìor mhòr ann an talamh nàdarra gus na targaidean sin a choileanadh", thuirt i.
Tha cothrom aig PI Renewables ath-thagradh a dhèanamh gu Riaghaltas na h-Alba.