Ceistean mu BhBC ALBA
Tha tè a tha ag iomairt às leth na Gàidhlig ag ràdh nach e sianail Gàidhlig a th' ann am BBC ALBA.
Chuir an sgrìobhadair Gàidhlig, Lisa Storey, iomairt air bhonn agus i ag iarraidh air MG Alba cuir às dha na fo-thiotalan agus a' Bheurla a tha ri fhaicinn agus ri chluinntinn air an t-sianail
Tha i den bheachd gum biodh fo-thiotalan Gàidhlig fada na b' fheàrr do dh'fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh agus gun tàladh sin daoine chun an t-sianail seach a bhith a' cur cùl ris.
Chaidh MG ALBA às àicheadh nan casaidean.