Co-bhanntachd oifigeil air aontachadh
Thàinig a' bhuidheann Fearann Coimhearsnachd na h-Alba agus Comhairle nan Eilean Siar gu aonta air co-bhanntachd oifigeil gus cuideachadh a thoirt do buidhnean a tha ag iarraidh fearann a cheannach, agus feadhainn tha ag iarraidh an tuilleadh leasachadh a dhèanamh.
Feuchaidh iad cuideachd ris na gluasadan gus fearann a thoirt dhan choimhearsnachd a sgaoileadh nas fharsainge air feadh Alba.
Seo Aonghas Domhnallach.