Mar a chaidh gabhail ri brath Mhgr Salmond
- Air fhoillseachadh

Leigidh Ailig Salmond dheth a dhreuchd mar cheannard Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, an SNP, an dèidh dà theirm a mhair 20 bliadhna uile gu lèir.
Tha am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, air moladh a dhèanamh air "fìor thàlant agus faireachdainn" a' Phrìomh Mhinisteir, Ailig Salmond, a th' air innse gum bi e a' fàgail a dhreuchd.
Tha Mgr Salmond cuideachd a' dol a sheasamh sìos mar cheannard an SNP an dèidh don luchd-bhòtaidh neo-eisimeileachd a dhiùltadh.
Thuirt Nicola Sturgeon, a tha na leas-cheannard agus as coltaiche a dhol na àite, "nach smaoinicheadh i air pribhleid nas motha" na a dhol os cionn a' phàrtaidh.
Thuirt ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, gur e "neach-poileataigs foghainteach" a bh' ann an Mgr Salmond.
Rinn Mgr Salmond brath aig a thaigh-còmhnaidh oifigeil, Taigh Bhòid ann an Dùn Èideann, an dèidh don iomairt 'Nas Fheàrr Còmhla' soirbheachadh san referendum 2,001,926 bhòt an aghaidh 1,617,989 aig 'Bu Chòir'.
Bhòt 55% den t-sluagh airson "Cha Bu Chòir" an aghaidh 45% airson "Bu Chòir".
Eas-aontaidhean
"Thuirt Mgr Camshron gun robh Mgr Salmond air a bhith "na Phrìomh Mhinistear èifeachdach a sheasadh a chòirichean an còmhnaidh".
Thuirt e: "Fhad 's a tha eas-aonta eatorrainn a thaobh a mhiann airson Alba sgaraichte, agus iomadach rud eile, tha spèis agus urram agam dha na rinn e airson poileataigs agus na beatha poblaich."
Thuirt ceannard nan Làbarach, Ed Miliband: "Ge bith dè ar n-eas-aontaidhean, chanadh e an còmhnaidh dè a bh' air aire agus tha e an còmhnaidh air seasamh a chòirichean."
Thuirt ceannard nan Làbarach ann an Alba, Johann NicLaomainn: "Thionndaidh Ailig Salmond pàrtaidh beag-chuid gu pàrtaidh dùbhlanach gu pàrtaidh an riaghaltas agus b' esan a bu choireach gun deach referendum a chumail mu Alba a bhith a' fàgail an Rìoghachd Aonaichte.
"Gun teagamh sam bith, tha e air a bhith na shàr laoch ann an eachdraidh phoileataigich na h-Alba."
Thuirt Ruth Davidson, ceannard nan Tòraidheach ann an Alba, gum bi co-dhùnadh Mhgr Salmond "na chuideachadh gus an dùthaich a thoirt air ais ri chèile a-rithist".
Thuirt i cuideachd: "Tha mi toilichte gu bheil am Prìomh Mhinistear a' dol a chumail a' dol ann an poileataigs na h-Alba.
'Caraid, treòraiche agus co-obraiche'
"Gheibh Alba buannachd às a chuid eòlais agus seirbheis agus sinn a' gluasad air adhart."
Thuirt Mgr Salmond gun leigeadh e dheth a dhreuchd mar cheannard an SNP aig co-labhairt a' phàrtaidh san t-Samhain.

Tha coltas gur h-i Nicola Sturgeon, a tha an-dràsta na Leas-Prìomh Mhinistear, an tagraiche as roghnaiche dreuchd Mgr Salmond a ghabhail.
Fàgaidh e a dhreuchd mar Phrìomh Mhinistear nuair a thaghas am pàrtaidh an ath cheannard ann am baileat bhallrachd.
Ach tha coltas gur h-i Nicola Sturgeon, a tha an-dràsta na Leas-Phrìomh Mhinistear, an tagraiche as roghnaiche.
Ann am brath-naidheachd, rinn i moladh air "a caraid, a treòraiche agus a co-obraiche airson còrr is 20 bliadhna".
"Stiùir e an SNP dhan riaghaltas agus tha e air fèin-mhisneachd às ùr a thoirt dhan dùthaich," thuirt i.
Thuirt i cuideachd: "Tha brath Ailig an-diugh gu do-sheachanta air ceist a thogail mu co-dhiù am bi mise nam thagraiche gus àite a ghabhail mar cheannard an SNP.
"Cha smaoinich mi air pribhleid nas motha na iarrtas a chur air adhart airson a bhith nam cheannard air a' phàrtaidh san deach mi an sàs agus mi dìreach 16 bliadhna de dh'aois. Ach, chan ann an-diugh a thèid an co-dhùnadh sin a dhèanamh."
'Beàrn mhòr'
Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, gun robh Mgr Salmond air "buannachdan iongantach" a lìbhrigeadh dhan SNP agus "leasachaidhean iongantach" do dh'Alba.
Thuirt Prìomh Mhinistear na Cuimrigh, Carwyn Jones, gum fàgadh Mgr Salmond "beàrn mhòr ann am poileataigs na h-Alba".
"'S e neach-poileataigs geur a th' ann a bha na cheannard dìoghrasach air a phàrtaidh agus air a' Phàrlamaid Albannaich," thuirt Mgr Jones.
Rinn ceannard a' Phàrtaidh Uaine an Alba, Patrick Harvie, moladh air a' phàirt a bh' aig Mgr Salmond ann a bhith "a' toirt atharrachaidh air ar cruth-tìre phoileataigeach".
Thuirt Grahame Smith, Rùnaire Còmhdhail nan Aonaidhean Ciùird an Alba: "Tha Ailig Salmond air a bhith ceannasach ann am poileataigs na h-Alba airson còrr is dà dheichead.
"Ge bith dè am beachd a th' agad air a chuid poileataigs, cha tèid thu às àicheach na choilean e gu poileataigeach."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An t-Sultain 2014
