Àrdachadh casg-astair air aontachadh
- Air fhoillseachadh

An-dràsta, chan eil e ceadaichte dha làraidhean a dhol càil nas luaithe na 40 m.s.u air rathaidean aon-fhillte.
Chaidh reachdas a tha ag àrdachadh an astair aig e bheil làraidhean ceadaichte a bhith a' siubhail air an A9 eadar Peart agus Inbhir Nis a shoidhneadh.
Bhon 28mh là den Dàmhair, bidh e ceadaichte dha làraidhean a bhith a' siubhail aig 50 mìle san uair far a bheil an rathad aon-fhillte, seach dà-fhillte.
Chaidh an reachdas ùr a chur an sàs leis an amas an A9 a dhèanamh nas sàbhailte.
Gheall Riaghaltas na h-Alba gum biodh an A9 dà-fhillte eadar Peairt agus Inbhir Nis ann an 2025.
Thèid an casg-astair airson làraidhean àrdachadh gu 50 m.s.u air an aon là 's a tha na camarathan a bhios a' tomhas astair choitchinn dhràibhearan gan cur gu dol.
An-dràsta, chan eil e ceadaichte dha làraidhean a dhol càil nas luaithe na 40 m.s.u air rathaidean aon-fhillte.
Thuirt Ministear na Còmhdhail, Cè Brown, gum biodh cùisean a-nis nas luaithe agus nas sàbhailte do dhràibhearan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 Am Màrt 2014

- Air fhoillseachadh29 An t-Iuchar 2013
