Iomairt Mhalaig gus leantainn
Tha an fheadhainn a tha ag iomairt gus amar-snàimh Mhalaig a chumail fosgailte ag ràdh gun lean an t-strì aca.
Tha iad a' cumail a-mach gum biodh an goireas ann an cunnart as aonais taic-airgid a tha Comhairle na Gàidhealtachd am beachd a ghearradh mar phàirt de na sàbhalaidhean aca.