Cairt dhearg do phlana nan càintean
- Air fhoillseachadh

Bhathas a' moladh peanas airgid a chur air cluicheadairean airson mì-mhodh air a' phàirc.
Chaidh moladh connspaideach gus càin airgid a chur air cluicheadairean ball-coise an Leòdhas is na Hearadh 'son gach cairte buidhe neo cairte deirge a thilgeil às.
Fon phlana, bhiodh càin £10 air a dhol air cluicheadair airson cairte buidhe is £25 airson cairte deirge.
Nam faigheadh cluicheadair còig cairtean buidhe bhiodh càin £25 ann agus casg gheama.
'S e an cluicheadair a dh'fheumadh a' chàin a phàigheadh seach an cluba.
Bha mì-thoileachas mòr ann mun phlana agus chaidh a chur an dàrna taobh aig coinneimh bhliadhnail Chomann Ball-Coise Leòdhais is na Hearadh oidhche Luain.
Bùrach
A rèir choltais, cha robh duine aig a' choinneimh fiù 's deònach aideachadh gun do chuir iad am moladh air adhart.
"Mar a chaidh an rud a chur air ar beulaibh, cha deach a dhèanamh ann an dòigh cheart", thuirt cathraiche a' Chomainn, Coinneach MacÌomhair.
"Cha robh duine ag aideachadh cò chuir air adhart e. Chaidh am pàipear a chur air ar beulaibh mar phàipear a thàinig bhon dàrna duine gu duine eile.
"Mar sin dheth, cha robh duine ann a bha a' cantainn gur iadsan a bha a' cur an rud air adhart.
"Bha duine ann bho na rèitirean is chaidh cantainn ris an e iadsan a bha a' cur a' phàipeir air adhart is thuirt e nach b' e ann an dòigh ach gur e pàipear a fhuair esan bho neach air choireigin eile.
"Mar sin, cha robh an rud cothromach 'son a dhol air adhart", thuirt e.