Cupa Cailleanach a Tuath do Leòdhas
Bhuannaich Sgioba Leòdhais is na Hearadh Cupa Cailleanach a Tuath is iad air a' chùis a dhèanamh air Goillspidh 1-0.
Thàinig an tadhal sa chiad leth, oidhirp air leth bho 30 slat bho Raibeart MacCoinnich.
'S e seo a' chiad turas a tha na Leòdhasaich air Cupa Cailleanach a Tuath a thogail is iad air cluich san fharpais 'son a' chiad uair ann an 2013.