Cumhachdan fearainn gan iarraidh
- Air fhoillseachadh

Tha seann togalach B&Q an Inbhir Nis a-nise ann an staid ropach.
Thuirt comhairliche ann an Inbhir Nis gum bu chòir laghan ùra fearainn a tha san amharc a chleachdadh gus togalach coimearsalta sa bhaile a cheannach agus a chur gu feum.
Tha Riaghaltas na h-Alba dìreach air co-chomhairleachadh a mhaireas 10 seachdainnean a chur air dòigh air na molaidhan aca 'son ath-leasachadh an fhearainn.
Am measg tha iad a' cur air adhart, tha gum biodh cumhachd aig an Riaghaltas a dhol an sàs agus a thoirt air uachdaran fearann a reic mura h-eil iad ag obair gu maith an t-sluaigh.
Tha fear de chomhairlichean Meadhan Inbhir Nis, Ridseard Laird, ag ràdh gum bu chòir cumhachdan den leithid a chleachdadh gus toirt air an fheadhainn leis a bheil seann togalach B&Q air Rathad Telford sa bhaile a reic.
Bàn
Bha an togalach bàn bho ghluais B&Q gu Pàirce Ghnìomhachais an Longman bho chionn grunn bhliadhnaichean.
Tha mòran dhaoine air gearain mu staid an togalaich.
Thathas a' meòrachadh an-dràsta air planaichean gus leasachadh mòr a dhèanamh air an sgìre timcheall air a' Chanàl Chailleanach is chaidh an togalach a chomharrachadh mar ghoireas a dh'fhaodar a chur gu feum.
Mar phàirt de na planaichean, gheall Comhairle na Gàidhealtachd is Canàlaichean na h-Alba coimhead ri mar a ghabhadh togalaichean den leithid a cheannach.
Dh'fhaodadh gum bi an cothrom sin a-nise ann, a rèir Mhgr Laird.
"Tha mi den bheachd, mura h-eil an fheadhainn leis a bheil an togalach airson a chur gu feum, gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba cumhachdan a thoirt do chomhairlean toirt orra sin a dhèanamh.
Feuchainn
"Tha Comhairle na Gàidhealtachd air feuchainn grunn thursan ri toirt air an fheadhainn leis a bheil seann togalach B&Q a chur gu feum ach cha do shoirbhich leinn.
"Tha an làrach seo ro chudromach dìreach a bhith na laighe dad nas fhaide gun sian air a dhèanamh leatha", thuirt e.
Mhol Mgr Laird nam biodh sgeama pileat ann le cumhachdan a bharrachd den t-seòrsa seo do dh'ùghdarrasan ionadail gum bu chòir Comhairle na Gàidhealtachd fhèin a chleachdadh.
Thuirt e gu bheil an làrach air Rathad Telford am measg ghrunnan ann an Inbhir Nis agus air a' Ghàidhealtachd far am b' urrainn dhan Chomhairle na cumhachdan a chur gu feum.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An t-Samhain 2014
