Rabhadh mu Sgeama nan Laogh
- Air fhoillseachadh

Thig an sgeama a th' ann gu ceann an ceartuair.
Tha rabhadh ann do thuathanaich agus croitearan gum faodadh iad a bhith ann an cunnart airgead a call ri linn atharrachadh ann an sgeama taice.
Tha sgeama nan laogh, an Scottish Beef Scheme, a' tighinn gu ceann am-bliadhna agus mura dèan daoine tagradh 'son an airgid ron là mu dheireadh de 2014, bidh 2016 ann mus fhaigh iad airgead bhon sgeama ùr.
"S e sgeama riatanach a tha seo", thuirt Iar-Chathraiche Aonadh nan Tuathanach air a' Ghàidhealtachd, Raibeart Dòmhnallach.
"Cuideachadh mòr"
"Tha e a' cur airgead a-staigh aig àm den bhliadhna an uair a tha glè bheag a' tighinn a-staigh. Tha e na chuideachadh mòr.
"Chanainn gu bheil e gu math riatanach do dhaoine coimhead ris na foirmichean a chur a-staigh anns an ath-sheachdain no dhà.
"Feumaidh iad a dhol a-staigh le liosta de na laoigh a bh' aca am-bliadhna uile gu lèir a chaidh am breith ron 2mh den Dùbhlachd. Tha e cho soirbh ri foirm sam bith a tha sinn a' lìonadh a-staigh", thuirt e.
Sgeamaichean ùra
Thèid dà sgeama ùr a chur na àite an ath-bhliadhna, fear do Thìr-Mòr is fear 'son eileanan.
Bidh €100 ann do gach laogh air Tìr-Mòr agus €160 do gach lagh anns na h-eileanan.
Bidh na sgeamaichean fosgailte 'son tagraidhean bhon 1mh den t-Sultuine 2015 is cha tig airgead sam bith gus am bi 2016 ann.