Duine marbh an dèidh tubaiste ann an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach a bha a' coiseachd a mharbhadh ann an tubaist le làraidh ath-chuairteachaidh ann am meadhan baile Inbhir Nis madainn Diciadain.
Thachair an tubaist air Sràid na Drochaid, faisg air an abhainn, aig mu 07:30m.
Chaidh Sràid na Drochaid a dhùnadh, faisg air ceann Sràid na Bruaiche, Ceum a' Chaisteil, agus Sràid na h-Eaglaise.
Tha na Poilis ag iarraidh air daoine an sgìre a sheachnadh, agus ma tha fiosrachadh aig duine, gun toir iad dhaibh e.
Cha bhi a-nis cuirm ann aig meadhan là air an Àrd-Shràid, air thoiseach air Pàrtaidh na Bliadhna Ùire, mar a bha dùil.