Turas air an Loch Seaforth
Fhuair luchd-naidheachd air bòrd a' bhàt-aiseig ùir, MV Loch Seaforth, agus i ris a' chidhe ann an Steòrnabhagh Dimàirt.
Tha Caladonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh gun seòl i le luchd bathair oidhche Mhàirt, agus le luchd-siubhail airson a' chiad uair an ath-sheachdain.
Tha a criutha ag ràdh gur i am bàta is goireasaiche agus is adhartaiche a th' anns a' cabhlach aig Cal Mac.
Tha tuilleadh aig Aonghas Dòmhnallach.