Leapannan-ospadail neo-tharbhach
Thairis air ceithear seachdainnean mu thimcheall na Bliadhna Ùire, cha ghabhadh an treas cuid de leabaidhnean Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh a shaoradh leis na bha de dh'euslaintich a' feitheamh air cothrom tilleadh gu na coimhearsnachdan aca.
Thairis air an aon àm bha na mìltean leapannan-ospadail eile air feadh Alba neo-tharbhach air an aon adhbhar.
Chaidh na h-àireamhan fhoillseachadh mar phàirt de rannsachadh nàiseanta a chaidh a dhèanamh leis a' BhBC.
Tha tuilleadh aig Catriona NicIllInnein.