Binn air drabastair chloinne
- Air fhoillseachadh

Chaidh MacIllinnein a dhìteadh san Fhaoilleach.
Chaidh binn ochd bliadhna sa phrìosan air fear dh'èignich balach, trì bliadhna de dh'aois, aig sgoil-àraich ann an Loch Abar agus a thug ionnsaighean drabasta air nighean ann an Sruighlea.
Bha Marc MacIllinnein, a tha 30, air a bhith ag obair na mhanaidsear air an sgoil-àraich.
Fhuaireas ciontach cuideachd e air casaid gun robh dealbhan drabasta aige de chloinn na dhachaigh ann an Sruighlea.
Cumaidh na h-ùghdarrrasan sùil air MacIllinnein fad dà bhliadhna eile às dèidh dha a bhith air a shaoradh.
Chaidh ainm cuideachd a chur air Clàr nan Drabastairean, gun cheann-ùine.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 Am Faoilleach 2015
