Oidhirp air mèirle bho Ionad Maggie's ann an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Chaidh briseadh a-steach dhan ionad mu 12:10m madainn na Sàbaid.
Tha na Poilis a' sireadh luchd-fianais às dèidh mar a bhris duine a-steach do dh'ionad charthannais Maggie's ann an Inbhir Nis tràth madainn na Sàbaid.
Chuir oifigearan tèarainteachd an ionaid, a tha suidhichte ri taobh Ospadal an Ràthaig Mhòir, stad air an duine, agus theich e air baidhseagal beinne dubh agus glas.
Bha an duine air greim fhaighinn air bucas tèarainte anns an ionad, ach leig e às e.
Bidh Ionad Maggie's a' toirt taic do dhaoine air a bheil aillse agus an cuid teaghlaichean.
Thuirt an Insp. Derek MacIlleBhrath bho Phoilis na h-Alba gur e eucoir "suarach" a bh' ann agus dh'iarr e air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh a dhol thuca.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh