Trèana smùide a' dol a-rithist
Thòisich seirbheisean trèana smùide eadar An Gearrasdan agus Malaig a-rithist Diluain.
Chaidh stad a chur air an t-seirbheis airson beagan a bharrachd air mìos air sgàth 's nach do stad trèana eile aig a' chompanaidh West Coast Railways, a tha gan ruith, aig bogsa-rabhaidh ann an Wiltshire sa Ghiblean.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.