Barantas bho NHS na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Tha Cathraiche NHS na Gàidhealtachd, Garry Coutts, air barantas a thoirt do Bhuill na Pàrlamaid Albannaich nach eil am Bòrd Slàinte a' cleachdadh dreach ùr air seirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanaich mar dhòigh air airgead a chùmhnadh gus fuasgladh fhaighinn air trioblaidean ionmhais.
Bha Mgr Coutts a' toirt fianais seachad do chomataidh Pàrlamaid, a tha a' rannsachadh droch mhodhan ionmhais le NHS na Gàidhealtachd.
Bhathas ga cheasnachadh air an deach fiosrachadh a chleith bho bhuill a' Bhùird, a thaobh iasad èiginneach a chaidh iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba an-uiridh.