Seachdain a mhaireas nan cuimhne
- Air fhoillseachadh
Tha còrr is còig uiread an àireamh de bhuill aig an SNP a-nis ann an Westminster 's a bha aca a-riamh.
'S ann an-diugh a ghabh a' mhòrchuid de na buill Albannach aig Westminster na bòidean aca.
Nam measg bha còignear a ghabh iad sa Ghàidhlig - Drew Hendry, Carol Monaghan, Chris Law, Deirde Brock agus John Nicolson.
Mar sheann saighdear, ghabh Aonghas Brianan MacNeil iad an-dè, anns a' Bheurla, ann an Gàidhlig na h-Alba agus ann an Gàidhlig na h-Èirinn, mar urram da mhàthair.
Bha triùir a ghabh na bòidean aca anns a' Bheurla Ghallda agus tè - Tasmina Ahmed-Sheikh - a ghabh iad air a' Khoran.
Rinn buill ùra an SNP "air an nòs Albannach" e, len làmhan suas.
Seo sùil air ais air an t-seachdain eachdraidheil aca.