35 cosnadh gan call am Baile nan Granndach
- Air fhoillseachadh

Tha ceist a-niste mu leasachadh de chòrr is 40 taigh sa bhaile dhan do dh'iarradh cead o Chomhairle na Gàidhealtachd.
Tha dragh mòr ann mu 35 cosnadh ann am Baile nan Granndach agus companaidh togail sa bhaile ann an làmhan luchd-trusaidh nam fiach.
Chaidh McLeod Building a stèidheachadh bho chionn còrr 's 100 bliadhna.
"Tha e uabhasach duilich nuair a thachras leithid de rud," thuirt Raibeart Dòmhnallach a tha a' fuireach san sgìre.
"Duilich dha na daoine agus duilich dhan luchd-obrach.
"Tha na balaich a tha a-mach à obair a-nise, suas ri 35, 's e càite am faigh iad obair? An gluais iad air falbh?
"Agus meall de na balaich a tha sin, tha margaidsean aca ri phàigheadh.
"Tha e uabhasach doirbh dhaibh.
"Chuala mi, aon de na companaidhean eile, gun toireadh iad feadhainn de na balaich air, ach chan urrainn dhaibh an toirt air uile.
"'S e là doirbh a th' ann airson Baile nan Granndach ceart gu leòr, thuirt e.
Tha an naidheachd a' cur ceist ann an leasachadh de chòrr is 40 taigh a thogail sa bhaile, dhan do dh'iarradh cead on Chomhairle o chionn ghoirid.