Iarrtas 'son itealain dhan Eilean Sgitheanach
Bu chòir na h-itealain a bhitheas ri fhaotainn as t-Fhoghair leis gu bheil pleanaichean ùra gu bhith ann a chur gu feum air seirbheis-adhair dhan Eilean Sgitheanach.
Sin beachd a' chomhairliche Sgitheanaich, Hamish Friseal, is Riaghaltas na h-Alba air dà phleana ùr a cheannach airson frithealadh air slighean gu ruige Ceann Loch Chille Chiarain, Tiriodh is Barraigh.
Thuirt Hamish Friseal mura gabh na pleanaichean a th' ann an-dràsta a chur gu feum air seirbheis dhan Eilean Sgitheanach, gum bu chòir dhan Riaghaltas pleanaichean a cheannach.