Eathar a dhìth far chosta Leòdhais
- Air fhoillseachadh

Chaidh iarraidh air duine sam bith a chunnaic am bàta a tha a dhìth fios a chur chun nam maor-cladaich.
Tha iomairt theasairginn a' dol far chosta an ear Leòdhais feuch lorg fhaighnn air eathar a tha a dhìth.
Tha dùil gun do dh'fhàg am bàta, le aon duine air bord, Brèibhig san Loch a Tuath anns a' mhadainn Dimàirt.
Cha do dh'innis an duine a tha a dhìth càit an robh e a' dol agus chan eil radio no fòn-làimhe aige.
Tha am bàta gorm is dubh, trì meataran a dh'fhaid, agus tha motair oirre.
Chaidh a togail aig an taigh.
Bha heileacoptair, bata-teasairginn, na poilis agus maoir-chladaich a-muigh a' coimhead airson a' bhata Oidhche Mhàirt.
Bha an luchd-teasairginn ga shireadh gu 03:00m Diciadain, agus chaidh iad a-mach a-rithist às dèidh 08:30m.
Bu chòir do dhuine sam bith a chunnaic am bàta anns an 24 uairean a thìde mu dheireadh fios a chur gu Maoir-chladaich Steòrnabhaigh air 01851 702013.