Taisbeanadh LEGO an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Chaidh na pìosan a dhealbh le Warren Elsmore.
Chìthear taisbeanadh de structaran gu math annasach leithid Gàraidhean Crochte Bhàbilon, Balla Mòr Shìona agus Teampall Artemis ann an Inbhir Nis a dh'aithghearr.
Chan e structaran àbhaisteach a tha seo ge-tà, ach feadhainn a tha air an dèanamh a-mach à LEGO.
Tha an taisbeanadh ann a Taigh-Tasgaidh Inbhir Nis a' toiseachadh Disathairne 6mh an t-Ògmhìos, agus chithear rudan bho shaoghal saidheans, nàdar, eachdraidh, agus bhon chian-aimsir.

A bheil sibh ag aithneachadh Stone Henge?
'S e Warren Elsmore a dhealbh na pìosan agus tha e a' toirt mìnneachaidh seachad air mar a chuir e na diofair phròiseactan ri chèile.
Fhuair sgoilearan bho air feadh na Gàidhealtachd cothrom structar a bha buntainn ris an àite, a dhealbh.
Rinn Bunsgoil Hillhead ann an Inbhir Theòrsa, Taigh-Solais Chinn Nois, agus rinn Bun-Sgoil an Tuilm ann an Inbhir Nis, Loch Nis.
Bidh 'Brick Wonders' a' fosgladh Disathairne agus faodaidh clann bheag no clann mhòr a bhith ag obair le pìosan LEGO bho 11:00m - 4:00f.