Cuibhlichean teth an Inbhir Nis
Tha luchd-obrach gan sireadh son raon rèisidh go-kart ùr ann an Inbhir Nis.
Thòisichear air an obair-togail mar thà agus tha sin a' dol air adhart gu math.
Tha a' phròiseict gu bhith air a ruith mar leasachadh sòisealta - a bheir cothrom do dh'òigridh sgilean ionnsachadh a chuidicheas iad an uairsin ann a bith a' lorg obrach.