"Samhradh as miosa" sna h-Eileanan Siar
Leis a' ghrian a' sgàineadh chabhsairean Lunnainn, b' e Diciadain an là Iuchair as teotha a chaidh a chlàradh a-riamh sa phriomh-bhaile.
Ach chan eil cùisean air a bhith faisg cho math nas fhaide gu tuath, le fuachd is droch shìde a' cur maill air àiteachas agus obair nam monadh sna h-Eileanan.
A rèir eòlaichean aimsire, seo fear de na Samhraidhean as miosa a dh'fhulaing na h-Eileanan an Iar bho thòisichear a' cumail chlàr.
Tha Ruairidh Rothach ag aithris.