Rannsachadh aig Bòrd na Gàidhlig
Thàinig e am follais gun toir Bòrd na Gàidhlig luchd-comhairleachaidh a-steach a rannsachadh mar a tha a' bhuidheann ag obair.
Tha iad ag ràdh gu bheil e doirbh dhan Bhòrd mar a tha e an-dràsta amasan coimhearsnachd na Gàidhlig a choilionadh.
B' e Iain Caimbeul, a dh'fhàg a dhreuchd gu h-obann mar Cheannard a' Bhùird bho chionn beagan làithean, a chuir am plana air chois, ach thèid leantail leis fiù 's ged a tha e air falbh.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.