Bòrd na Gàidhlig gan dìon fhèin
Tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith gan dìon fhèin an dèidh cheistean mu mar a tha iad a' dèiligeadh ri foghlam Gàidhlig.
Chuireadh ceistean orra fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh mu àireamhan thidsearan.
Tha dleastanas air a' Bhòrd foghlam Gàidhlig a leasachadh.
Ach fhreagair iad nach robh fiosrachadh aca mu àireamhan thidsearan Gàidhlig.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.