Iomairt an aghaidh MPAs
Tha am fiosrachadh a tha ga chleachdadh mar bhun-stèidh airson a bhi a' comharrachadh sgìrean glèidhte aig muir gu tur ceàrr, a rèir iasgairean nan Eilean Siar.
Tha iad ag ràdh ged a tha Riaghaltas na h-Alba den bheachd gur e glè bheag de dh'iasgach a tha dol sna sgìrean a tha iad a' moladh, gu bheil iad a' cumail beò-shlaint ri mòran dhaoine.
Tha na h-iasgairean air cùl-taic Chomhairle nan Eilean Siar fhaighinn san iomairt airson stad a chuir air na sgìrean glèidhte.
Seo Aonghas Dòmhnullach