Deilbh CCTV gan cur a-mach a-rithist às dèidh ionnsaigh an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Chuir na poilis deilbh a-mach a-rithist de dhuine a tha iad a' sireadh co-cheangailte ri ionnsaigh air fireannach ann an taigh-seinnse an Inbhir Nis.
Thachair an ionnsaigh anns a' bhàr àrd aig Hootananny air Sràid na h-Eaglaise mu 02:30 air an 14mh dhen Òg-Mhìos.
Chaidh a ràdh gun bheil am fireannach anns na deilbh eadar 20 agus 30 agus sia troighean a dh'àirde.
Bha lèine-t dubh agus uaine, bhriogais ghorm agus brògan dubha le srianagan geala air.
Chuir na poilis na deailbh CCTV a-mach an toiseach anns an Iuchar.
