Goireasan ùra am Pàirc a' Chanàil
Chaidh cead a thoirt do phlanaichean airson goireasan spòrs ùra aig Pàirc a' Chanàil ann an Inbhir Nis.
Thèid cuid de na goireasan rugbaidh a th' ann a chall airson leigeil le ceangal rathaid ùr an iar air a' bhaile a thogail.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cumail a-mach ag ràdh gun leasaich iad na goireasan a th'air fhàgail gu ìre àrd.