Ath-chuinge Shlèite ga diùltadh
- Air fhoillseachadh

Cha do ghabh comhairlichean ri argamaid gum bu chòir triùir thidsearan Gàidhlig a bhith ann am Bun-sgoil Shlèite.
Dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd gabhail ri ath-chuinge, taobh a-muigh a bha a' cur an aghaidh àireamh nan tidsearan Gàidhlig aig Bun-sgoil Shlèite a ghearradh bho thriùir gu dithis.
Bha a' Chomhairle ag ràdh bho thùs gur e dithis luchd-teagaisg a dh'fheumadh a bhith ann ri linn 's gu bheil àireamh nan sgoilearan san sgoil air tuiteam fon ìre airson triùir.
'S e poileasaidh na Comhairle gum bu chòir tidsear a bhith ann 'son gach 25 sgoilear.
B' àbhaist àireamh na b' ìsle a bhith ann 'son foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, ach chaidh sin a sguabadh air falbh ann an 2010.
Bha 48 sgoilear ann am Bun-sgoil Shlèite ann an 2014/15, ach thuit sin gu 44 as t-Samhradh, a' fàgail gun do gheàrr a' Chòmhairle tidsear.
Taic
Chaidh Comhairle nam Pàrant san sgìre air an casan ge-tà, is ath-chuinge a stèidhich iad air taic fhaighinn bho cha-mhòr 700 neach.
Tha dà chlas ann a-nise, fear 'son P1-P4 is fear 'son P5-7.
'S ann a tha na pàrantan ag ràdh gu bheil sin a' fàgail nach fhaigh na sgoilearan as òige làn-bhogadh sa Ghàidhlig mar a bu chòir, leis gu bheil Beurla a' tighinn a-steach aig ìre P4.
Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil 46 sgoilearan san sgoil a-nise, agus le 19 cuideachd san sgoil-àraich, gum bi àrdachadh eile ann an ceartuair.
Bidh feum air tidsear a bharrachd fhastadh an ath-bhliadhna, tha iad ag ràdh.
Dh'iarr Comhairle nam Pàrant an Slèite cuideachd mìneachadh bhon Chomhairle air mar tha iad a' cosg an airgid a tha iad a' faighinn mu choinneimh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.
Cuibhreann
Thuirt na pàrantan nach biodh aig a' Chomhairle ach cuibhreann fìor bheag den airgead sin a chosg gus tidsear a chumail ann an Slèite is fios gum bi feum air neach-teagaisg an ath-bhliadhna co-dhiù.
Mhol oifigich na Comhairle do chomhairlichean cur an aghaidh an iarrtais bho na pàrantan agus am poileasaidh a chumail mar a tha e.
Anns an aithisg aca, thuirt oifigich ag ràdh gun do rinn a' Chomhairle co-dhùnadh roimhe gum biodh an aon phoileasaidh ann a thaobh Beurla is Gàidhlig, is nach eil fianais idir ann gu bheil sin air droch buaidh a thoirt air foghlam na cloinne ann an clasaichean Gàidhlig.
Thuirt iad cuideachd, nan dèanadh iad atharrachadh a thaobh Shlèite, gum faodadh buaidh a bhith ann an sgoiltean eile air feadh na sgìre a chuireadh cosgaisean an-àirde.
Ghabh na comhairlichean air Comataidh an Fhoghlaim ri beachd nan oifigeach aig a' choinneimh aca Diardaoin.
Tha sin a' fàgail nach bi ach dithis luchd-teagaisg Ghàidhlig am Bun-sgoil Shlèite am-bliadhna is gum fuirich am poileasaidh air feadh na Gàidhealtachd mar a tha e.