Ceangal-rathad ùr Inbhir Nis ga chomharrachadh
- Air fhoillseachadh

Bha cuid mì-thoilichte mun t-slighe a ghabhas an rathad ùr.
Thèid cuirm a chumail Dimàirt airson obair air ceangal-rathad an iar Inbhir Nis a chomharrachadh.
Tòisichidh obair air an rathad a dh'aithghearr agus tha Comhairle na Gàidhealtachd air sreath choinneamhan a chur air dòigh airson fiosrachadh mun phròiseact a chumail ris an t-sluagh.
Tha am pròiseact air tòrr chonnspaid adhbharachadh 's gearainnean ann mun bhuaidh a bheir an rathad ùr air àrainneachd na sgìre timcheall air Abhainn Nis.
Cosgaidh an rathad mu £55m.
"Faochadh"
Thuirt Cathraiche Chomataidh Dealbhachaidh agus Leasachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd, Audrey Nic na Ceàrdaich, gun dèan an rathad ùr feum dhan sgìre air fad agus chan ann a-mhàin dha Inbhir Nis.
"Tha e cudromach airson Inbhir Nis - airson a bhith a' cumail na trafaig a' gluasad tron bhaile mhòr - agus cuideachd airson daoine bhon taobh an iar agus taobh a tuath, bidh an trafaig a' cumail a' gluasad. Bidh e math airson na sgìre air fad".
Chuir i ìmpidh air daoine aig a bheil beachdan mun phròiseact tighinn chun nan coinneamhan a tha a' Chomhairle a' cur air dòigh.
"Bidh e cudromach a bhith a' cur bheachdan a-steach agus bidh sinn ag èisteachd ri dè tha dol air adhart - agus 's e dòigh a bhios ann airson mìneachadh, uaireanan bidh rathad dùinte neo rud mar sin - agus tha e cudromach gum bi fios agad carson a tha an rathad dùinte".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An Giblean 2014

- Air fhoillseachadh2 An t-Sultain 2013
