Bacadh air companaidh bìdh eileanach
Dh'fhaodadh riaghailtean ùra Comhairle nan Eilean Siar cur às do chompanaidh bìdh ann an Leòdhas air a bheil mòran dhaoine dèidheil.
Tha Gourmet Street Foods air athchuinge a thòiseachadh, agus poileasaidh ùr air fàire a chuireadh stad orra bho a bhith a' reic bìdh ann an Ceàrnag Phercival ann an Steòrnabhagh.
Thairis air na ceithir uairean fichead a dh'fhalbh tha na ceudan air na meadhanan sòisealta a chleachdadh gus cùl-taic a chuir ris a' chompanaidh.
Tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.