Pàirce nam Bùithdean ga h-ath-leasachadh?
Chaidh planaichean ùra fhoillseachadh airson a' phàirce bhùithdean as motha air a' Ghàidhealtachd ath-leasachadh.
Tha Pàirce Bhùithdean Inbhir Nis air iomall a' bhaile, a-mach rathad Obar Dheathain.
Cosgaidh an obair £13m, 's cruthaichidh e faisg air 200 obair ùr.
Ach tha e air deasbad ath-bheothachadh mu leasachadh air iomall agus ann am meadhan a' bhaile.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.