Iasgairean mì-laghail an grèim
- Air fhoillseachadh

Chan eil uisge Chaol Diùra air a mheasadh fhathast feuch co-dhiù tha am maorach a th' ann aig ìre airson ithe gu sàbhailte.
Chaidh soitheach a bha ri iasgach a' mhuirsgein gu mì-laghail a chur an grèim ann an Caol Diùra.
Dh'fhaodadh càin suas ri £10,000 a dhol air sgiobair a' bhàta, a bha ri iasgach le dòighean mì-laghail ann an uisge far nach fhaodar maorach a ghlacadh.
Chan eil cead maorach a thogail ann an Caol Diùra, ri linn 's nach deach an t-uisge a mheasadh fhathast feuch co-dhiù tha am maorach a th' ann sàbhailte.
Chaidh fios air na h-ùghdarrasan gur dòcha gun robh soitheach a' togail mhuirsgean ann air an t-seachdain seo chaidh, agus chaidh oifigearan air bòrd an t-soithich.
Goirid mus deach iad air bòrd, thilg an criutha uidheamachd iasgaich mhì-laghail, a bhios a' cur ghathan dealain tron uisge gus an t-iasg a mharbhadh, thar-bòrd.
Chaidh an uidheamachd a thogail le dàibhearan an dèidh làimh, agus thèid a sgrios.
Chaidh luchd mhuirsgean luach £750 ann an Alba - ach luach timcheall air £4,000 ann an Àisia - a chur an grèim cuideachd, agus thèid sin a sgrios le Roinn na Slàinte Àrainneachail aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Thuirt Rùnaire an Iasgaich, Ridseard Lochhead: "Tha cliù eadar-nàiseanta aig maorach na h-Alba airson blas agus càilleachd.
"Tha fèill air a' mhuirsgean againn gu h-àraid ann an Àisia, agus tha e riatanach nach millear an cliù seo le maroach nach eil aig ìre," thuirt e.