Binn prìosain 'son ionnsaigh sgine
- Air fhoillseachadh

An Àrd-Chùirt an Glaschu.
Chaidh binn prìosain còig bliadhna gu leth air fear a thug ionnsaigh le sgithinn air boireannach ann an Grìminis, Beinn nam Faoghla.
Bha Aonghas Dòmhnallach, 49, an toiseach fo chasaid gun do dh'fheuch e ris a chompanach, Anna Stiùbhairt, a mhurt.
Na bu tràithe air a' mhìos ge-tà, chaidh fhaighinn cionntach san Àrd-Chùirt an Glaschu air casaid gun tug e ionnsaigh oirre le sgithinn.
Chuala a' Chùirt gun robh an dithis air a dhol a-mach air a chèile ann an Grìminis san Fhaoilleach am-bliadhna is iad air a bhith ag òl.
Chaidh innse gun do bhuail Anna Stiùbhairt Dòmhnallach, is gun do thog e an uair sin sgian is gun do shàth e i.
Cunnart
Thuirt dotairean gun do dh'fhàg an ionnsaigh i ann an cunnart a beatha.
Bha Dòmhnallach air a dhol às àicheadh nan casaidean, is e ag ràdh gun robh e ga dhìon fhèin.
Thuirt am britheamh, Coinneach MacÌomhair QC, gun deach Dòmhnallach a dhiteadh roimhe 'son dochann san dachaigh, is gum feum a' Chùirt feart a ghabhail air an droch bheachd a th' aig a' phoball air sgian a bhith air a cleachdadh ann an suidheachadh sam bith.
Thuirt e gun robh Dòmhnallach air fhèin agus a theaghlach a mhaslachadh.
Chaidh binn prìosain còig bliadhna gu leth air Dòmhnallach, le binn a bharrachd de bhliadhna gu leth nuair a bhios e fo sgrùdadh sa choimhearsnachd.