Barrachd dhaoine a' goid bìdhe
- Air fhoillseachadh

Tha an t-oifigear poilis as àirde dhreuchd air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan ag ràdh gur math dh'fhaodte gur e gu bheil daoine a' goid às na bùithdean airson biadh a chumail riutha fhèin a tha a' fàgail gun tàinig àrdachadh air ìrean eucorra anns an sgìre anns a' chiad chairteal den bhliadhna seo.
Chaidh ìrean eucorra an àirde 3% - a' chiad àrdachadh ann an grunn bhliadhnaichean - agus tha an t-Àrd-Superintendent Julian Innes ag ràdh gu bheil daoine a bhith a' goid stuthan bìdhe gu h-àraid air fàs nas bitheanta.
Chaidh còrr is 300 cùis far an deach gòid à bùth a chlàradh bhon Ghiblean.
Thuirt Poilis na h-Alba gun obraicheadh iad le gnìomhachas nam bùithdean ann an oidhirp bacadh a chur air an t-seòrsa eucorra seo.
Tha am Ball-Pàrlamaid Albannach Iain Finnie, a tha a' riochdachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus a b' àbhaist a bhith na oifigear poilis e fhèin, a' dèanamh dheth gum faodadh gnothach a bhith aig atharrachaidhean ri siostam nan sochairean sòisealta ris an àrdachadh.
Thuirt e gur e suidheachadh gu math duilich a th' ann ma tha daoine a' goid airson biadh a chumail riutha fhèin.