Farpais Dressage roinneal an Leòdhas
Chaidh a' chiad cuairt dheireanach roinneal airson dressage a chumail aig ionad Lochside ann an Leòdhas.
Thathas ga mheas mar chomharra air na tha de dhaoine air a dhol an sàs sa spòrs bho dh'fhosgail an goireas air iomall bhaile Steòrnabhaigh.
Fhuair dà sgioba cothrom a dhol air adhart gu cuairtean deireanach na farpais dressage nàiseanta ann am Buckinghamshire anns an t-Samhainn.