Dìon ùr dhan Chlò ga dheasbad
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid dìon a bharrachd a chur air a' Chlò Mhòr agus air breacan fo phlanaichean a tha fo sgrùdadh le Pàrlamaid na h-Eòrpa.
Tha dìon Eòrpach mar thà air biadh leithid Marag Dhubh Steòrnabhaigh, Hama Parma is Smokies Obar Bhrothaig.
Tha an dìon sin a' fàgail gu bheil e ga dhèanamh follaiseach cò às a thàinig am biadh is gun deach e a dhèanamh san dòigh thraidiseanta.
Stad
Chuir sin stad air feadhainn à àitean eile a bha a' feuchainn ris a' bhiadh aca a reic fo bhratach leithid Marag Dhubh Steòrnabhaigh.
Fo na planaichean ùra seo, ghabhadh an dìon a leudachadh gu gnothaichean eile a bharrachd air biadh, mar a' chlò is breacan.
Thuirt am Ball-Pàrlamaid Eòrpach Làbarach, Dàibhidh Màrtainn, gun dèanadh an inbhe feum mòr.
Cliù
"Dh'fhàgadh seo gum biodh e na bu dhuilghe dha factaraidhean timcheall air an t-saoghal a bhith a' gabhail brath air cliù is luach ghnothaichean Albannach mar bhreacan is an Clo Hearach", thuirt Mgr Màrtainn.
"Thàinig buannachdan roimhe dha gnìomhachasan Albannach agus do luchd-ceannaich bhon dìon a th' ann a thaobh bidhe", thuirt e.
Fhuair na planaichean taic le bhòt sa Phàrlamaid Eòrpaich oidhche Mhàirt, ged nach eil an gnothach ach aig ìre thràith.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Cèitean 2013
