Manaidsear ùr an Leòdhas
- Air fhoillseachadh

Donnchadh Mac an t-Saoir.
Chaidh manaidsear ùr do Chamanachd Leòdhais a thaghadh aig coinneimh bhliadhnail a' chluba oidhche Dhiardaoin.
Tha Donnchadh Mac an t-Saoir air a bhith na phàirt cudromach den sgioba bho thòisich iad ann am farpaisean nàiseanta ann an 2007.
Chluich e do Ghleann Garradh anns na 1980'an is 1990'an.
Thèid Mac an t-Saoir an àite Iain Mhic na Ceàrdaich, a dh'fhàg an dreuchd aig deireadh an t-seusain seo.
Chaidh Mgr Mac na Ceàrdaich fhèin dhan dreuchd ann an 2013 is Pòl Duke air leigeil fhaicinn gun robh e 'son làn-aire a chur air cluich dhan sgioba.
Chrìochnaich na Leòdhasaich san 8mh àite ann an Lìog Tuath 2 is a h-uile coltas ann gu bheil bunait làidir aca.
Thuirt an cluba às dèidh na coinneimh Diardaoin gu bheil iad misneachail gun urrainn dha Donnchadh Mac an t-Saoir togail air a' bhunait sin is an tuilleadh adhartais a dhèanamh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An t-Sultain 2015
