Bheil Glaschu freagarrach son am Mòd Nàiseanta?
Tha ceist ga thogail mu dè cho ciallach sa tha e am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an Glaschu ann an dà mhìle sa naoi deug.
Thuirt an Dotair Mìcheal Foxley, a bha na fhear-gairm air Comhairle na Gàidhealtachd, gun tèid am Mòd air chall sa bhaile mhòr.
A rèir Mhgr Foxley cha b'e sin an seòrsa àite a bhathar a' beachdachadh air nuair a chaidh aontachadh bho chionn 9 bliadhna na prìomh sgìrean anns an deidhean Mòdan a chumail.
Ach mar a tha am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach ag aithris, tha an Comunn Gaidhealach ag ràdh gu soirbhich am Mòd ann an Glaschu.