Leabhar ùr Thormoid Mhic'Illeathain
Foillsichidh an sgrìobhadair agus an cleasaiche Tormod Mac'Illeathain leabhar ùr aige oidhche Haoine.
Se cruinneachadh de sgeulachdan mu bheatha Thormoid nuair a bha e òg a th'ann an "Eavesdropping on Myself".
Tha an leabhar ùr a' lìonadh beàrnan a bh' anns a' chiad leabhar mu bheatha.
Mar a mhinich e do Shona Nic Dhomhnaill air Aithris na Maidne, 's ann ann am baile mòr Ghlaschu as motha a tha na smuaintean agus na cuimhneachain aige stèidhichte.