Taighean ùra ann am Bogh Mòr
Chan eil fada bho chaidh crìoch a chur air a' chiad ìre de leasachadh ùr ann am Bogh Mòr an Ìle.
Tha 20 taigh ùr deiseil agus thathar a' togail 10 taighean eile an-dràsta.
Aig coinneamh phoblach a-raoir, chualas gum faodadh suas ri 200 taigh a bhith ann aig a' cheann thall, le pàirce-gniomhachais agus gàraidhean cuideachd.
Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.