Tiotal Prìomh Lìog na h-Iomain ga thogail
Ma dh'fhàg iomain dàrna leth do mhuinntir Bhàideanach gu math dubhach aig deireadh na seachdainn bha an leth eile a' dèanamh gairdeachais.
Fhad's a bha Ceann a' Ghiùthsaich a' call, bha an seann nàimhdean, Baile Ùr an t-Slèibh, a' togail duais na Prìomh Lìog airson an t-siathamh turas ann an sreath.
Rinn iad a' chùis air Caol Bhòid 4-1.
Seo Dòmhnall MacLaomainn.