Teine aig taigh-seinnse
- Air fhoillseachadh
Chaidh aon neach a thoirt dhan ospadal an dèidh do theine tòiseachadh aig taigh-seinnse an Inbhir Nis.
Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu Hootananny air Sràid na h-Eaglaise mu 5:20f Diluain.
Thuirt Seirbheis Smàlaidh na h-Alba gun do dhearbh iad gu sgiobalta nach b' e spreadhadh gas a dh'adhbharaich an teine.
Tha iad den bheachd gun robh e ceangailte ri cagailt anns an taigh-sheinnse agus connadh bioethonal.
Thuirt Mainaidsear Faire na Seirbheis Smàlaidh an Inbhir Nis, Miles Stubbs, gun deach neach-obrach aig Hootananny a thoirt dhan ospadal.
Chaidh an taigh-seinnse a dhùnadh air sgàth an tachartais.