Cò dha-rìribh a bh' ann an Josephine Tey?
Tha i ainmeil airson nobhailean eucorra air nòs Agatha Christe agus Dorothy L. Sayers.
Ach chan eil e cho aithniche gur e tè de mhuinntir na Gàidhealtachd a bh' ann an Josephine Tey.
Chaidh a' chiad leabhar air eachdraidh a beatha fhoillseachadh gu h-oifigeil Diciadain.
Agus dh'fhosgail taisbeanadh sònraichte oirre ann an Inbhir Nis - am baile às an robh i.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.